Air a' Ghaol
Nuair a dh’ éibheas an gaol ort, thig as a dheoghaidh,
Ged a tha na rathaidean aige cruaidh agus cas,
Agus nuair a chuireas a sgiathan mun cuairt ort, géill ris,
Ged a leònadh an claimheamh thu a th’ air a’ falach ameasg nan ceanglaichean aige,
Agus nuair a bhruidhneas e riut nach creid thu ann
Ged a spealgadh a ghuth na bruadalan agad mar a mhilleas a’ soirbheas a tuath an gàradh
O chionn ’s gun crùnaich an gaol thu, ceusaichidh e thu mar an ceudna. Agus dìreach mar a tha e airson gu’ fàs thu is e a bhios ’gad bhèarradh
Ged a dhìreas e gu àrd do chinn is e ’tàladh nan geugan as caoine a tha
’nan crith ’s a’ ghréin
’S an aon dòigh, tearnaidh e gu do bhuin is crathaidh e ’ad is ’ad a’ sàs ’san talamh
Mar sguban arbhair tha e ’gad chruinneachadh dhà-fhéin;
Sùistidh e thu gus am bi thu rùisgte;
Criathraichidh e thu gus do shaothrachadh bho d’ chochaill;
Pronnaidh e gu gilead thu;
Nì e do thaoisneachadh gus am bi thu sùbailte
Is an uair sin, cuiridh e thu ’san teine naomh aige-fhéin, ’s bidh tu ’nad aran naomh do dh’ fhéis naoimh Dhé
Na rudan seo uile nì gaol riut gus an ionnsaich thu diomhairean do chridhe, gus an tuig thu gur tu mar chriomagan cridhe na beatha;
Ach ’nad eagal nan iarradh tu ach sìth is soighneas a’ ghaoil;
B’ fheàrr dhutsa do lomnachd a chomhdachadh is teicheadh bho ’n ùrlar-sùisteachd aige;
A-mach dhan t-saoghal far an dèan thu gàire gun d’ uile ghàire a dhèanamh ’s far an dèan thu gal gun d’ uile dheòirean a shìleadh
Cha fhaigh an gaol ach e-fhéin agus cha toir e ach bhuaithe-fhéin;
Cha shealbhaich an gaol no gu’ sealbhacha’ e ’bhith
O chionn ’s gu bheil gaol gu leòr air a shon-fhéin;
Nuair a bheir thu gaol, cha bu chòir dhut ràdhainn, “Tha Dia ’na mo chridhe”, ach, “Tha mi ann an cridhe Dhé”
Agus na smaointich gun urrainn dhut cuairt a’ ghaoil a stiùireadh, o chionn ’s gu bheil gaol, na’ faigheadh e thu àiridh, ’ga stiùireadh a’ chuairt agad-sa
Chan eil miann eil’ aig a’ ghaol ach a bhith ’ga lìonadh-fhéin;
Ach, nam biodh gaol ort agus gu’ feumadh miann a bhith agad, bitheadh
seo na miannan agad;
Bi ’gad leaghadh is gu bhith mar allt ’na ruith a tha ’seinn a fhonn dhan oidhche
A bhith fiosrach air pian tuillidh ’s a chòrr caoimhneas;
A bhith air do leònadh le tuigs’ a’ ghaoil agad;
A bhith sileadh na fala gu deònach agus gu h-aoibhinn h-ait
A bhith ’dùsgadh air na maidne le cridhe sgiathaich agus thoir buidheachas do là eil’ is an gaol ann;
A bhith ’nad thàmh aig meadhan-là is meòmhrachadh àrd-aoibhneas a’ ghaoil;
A bhith a’ tilleadh dhachaidh air beul na h-oidhche le taingealachd;
Agus a’ sin a bhith ’nad chadal le ùrnaigh airson an ionmhainne ’nad chridhe agus òran molaidh air do bhilean.
No comments:
Post a Comment